Main Index: Gaelic Gospel of Mark
Mark 8
[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]
MK 8:1 Anns na laithean sin a rithist nuair a bha moran sluaigh ann, gun ni aca a dh` itheadh iad, ghairm e a dheisciopuil, is thuirt e riutha
MK 8:2 Tha truas agam ris an t-sluagh: oir, seall, tha iad air giulan leam cheana tri latha, `s chan eil ni aca a dhitheas iad:
MK 8:3 Agus ma leigeas mi air falbh iad `nan traisg dhan tighean, fannaichidh iad air an rathad; oir thainig cuid dhiu air astar.
MK 8:4 Is fhreagair a dheisciopuil e: Ciamar is urrainn do neach an riarachadh le aran an so san fhasach?
MK 8:5 Is dh` fharraid e dhiu: Co miad bonnach a thagaibh? Thuirt iad: A seachd.
MK 8:6 Agus dh` orduich e don t-sluagh suidhe air an lar. `Sa glacadh nan seachd bonnaich, `sa toirt buidheachais, bhrist e, is thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad.
MK 8:7 `S bha beagan de mheanbh-iasg aca; agus bheannaich e iad, agus dh` iarr e an cur air am bialaobh.
MK 8:8 Agus dh` ith iad, is riaraicheadh iad, agus den phronnaig a dh` fhagadh thog iad seachd cleibh.
MK 8:9 Is bha an fheadhainn a dh` ith mun cuairt do cheithir mile: agus chuir e air falbh iad.
MK 8:10 `S gun mhaille chaidh e air bord a bhata comhla ri dheisciopuil, agus thainig e gu criochan Dhalmanutha.
MK 8:11 Agus thainig na Phairisich a mach, is thoisich iad ri cheasnachadh, ag iarraidh comharraidh air bho neamh, ga bhuaireadh.
MK 8:12 `S ag osnaich `na spiorad, thuirt e: Carson a tha an ginealach so ag iarraidh comharraidh? gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach toirear comharradh don ghinealach so.
MK 8:13 Agus gam fagail chaidh e a rithist air bord bata, is dh` fhalbh e thar a chaol.
MK 8:14 Agus dhiochuimhnich iad aran a thoirt leo agus cha robh aca ach aon bhonnach maille riutha san eathar.
MK 8:15 Is dh` aithn e orra, ag radh bithibh sealltuinneach agus faicilleach bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, `s bho thaois ghoirt Heroid.
MK 8:16 Agus bha iadsan a reusonachadh ri cheile, ag radh: `S ann a chionn `s nach eil aran againn.
MK 8:17 Thuirt Iosa riutha, `s e tuigsinn so: Carson tha sibh smaoineachadh a chionn `s nach eil aran agaibh? nach eil sibh a faicinn fhathast no a tuigsinn? a bheil ur cridhe dall fhathast?
MK 8:18 Tha suilean agaibh, `s nach eil sibh a faicinn? Agus cluasan agaibh, `s nach eil sibh a cluinntinn? Cha mhua tha sibh a cuimhneachadh,
MK 8:19 Nuair a bhrist mi na coig bonnaich am measg choig mile, co miad lan cleibh de phronnagan a thog sibh? Thuirt iad ris: A dha dhiag.
MK 8:20 A rithist, na seachd bonnaich am measg cheithir mile, co miad cliabh do phronnagan a thog sibh? Is thuirt iad ris: A seachd.
MK 8:21 Is thuirt e riutha: Ciamar nach eil sibh a tuigsinn fhathast?
MK 8:22 Agus thainig iad gu Bethsaida, `s thug iad duine dall ga ionnsuidh, agus ghuidh iad air gum beanadh e dha.
MK 8:23 `Sa breith air laimh an doill, thug e mach as a bhaile e; `sa cur a shile air a shuilean, `sa cur a lamhan air, dh` fharraid e dheth, an robh e faicinn dad.
MK 8:24 `Sa sealltuinn suas thuirt e: Tha mi faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd.
MK 8:25 An sin chuir e a lamhan air a shuilean a rithist; agus thoisich e ri faicinn; is fhuair e fhradharc, air chor `s gum bu leir dha gach ni gu soilleir.
MK 8:26 Is chuir e gu thigh fhein e, ag radh: Falbh gud thigh; agus ma theid thu stigh don bhaile, na innis do neach sam bith.
MK 8:27 Agus chaidh Iosa agus a dheisciopuil a mach gu bailtean Chesarea Philippi; `S air an t-slighe dh` fharraid e dhe dheisciopuil, ag radh riutha: Co tha daoine ag radh is mi?
MK 8:28 Fhreagair iad e ag radh: Eoin Baistidh, cuid Elias, ach cuid eile mar aon de na faidhean.
MK 8:29 An sin thuirt e riutha: Ach co tha sibhse ag radh is mi? Fhreagair Peadar, is thuirt e ris: is tu Criosda.
MK 8:30 Agus mhaoidh e orra, gun iad a dh `innseadh so mu dheidhinn do neach sam bith.
MK 8:31 Is thoisich e ri theagasg dhaibh gum feum Mac an duine moran fhulang, a bhith air a dhiultadh leis na seanairean, `s leis na h-ardshagairt, agus leis na Sgriobhaich, `sa bhith air a chur gu bas; agus an deigh thri laithean eirigh a rithist.
MK 8:32 Agus labhair e am facal gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus theann e ri chronachadh.
MK 8:33 Ach Iosa a tionndadh, sheall e air a dheisciopuil, is bhagair e air Peadar, ag radh: Theirig air mo chulaobh, a shatain: oir chan eil tlachd agad do nithean Dhe, ach do nithean dhaoine.
MK 8:34 `Sa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Ma `s aill le neach sam bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, is togadh e chrois, agus leanadh e mi.
MK 8:35 Oir co sam bith leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: agus co sam bith a chailleas a bheatha air mo shonsa, `s air son an t-soisgeil, sabhailidh e i.
MK 8:36 Oir ciod e is fheairrde duine, an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e anam?
MK 8:37 No ciod a bheir duine an eirig anma?
MK 8:38 Oir an neach a ghabhas naire asam-sa, is as mo bhriathran, anns a ghinealach adhaltrannach agus pheacach so, gabhaidh Mac an duine naire assan-san, nuair a thig e an gloir Athar maille ris na h-ainglean naomha.