We Love God!

God: "I looked for someone to take a stand for me, and stand in the gap" (Ezekiel 22:30)

Jesus: the most exciting person in the universe

FREE Online Gaelic Gospel of Mark. Mark Chapter 10:1-52.

Main Index: Gaelic Gospel of Mark

 

Mark 10

[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]

MK 10:1 `S ag eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iuda air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a b` abhuist dha, theagaisg e rithist iad.

MK 10:2 `S na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dh` fharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean a chur air falbh? `s iad ga bhuaireadh.

MK 10:3 Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Ciod a dh` aithn Maois oirbh?

MK 10:4 Thuirt iad: Thug Maois cead litir-dhealachaidh a sgriobhadh, `s a cur air falbh.

MK 10:5 Thuirt Iosa gam freagairt : `S ann air son cruas ur cridhe a sgriobh e dhuibh an reachd so.

MK 10:6 Ach bho thus a chruthachaidh rinn Dia iad firionn is boirionn.

MK 10:7 Air son so fagaidh duine athair agus a mhathair, is dluth-leanaidh e ri mhnaoi;

MK 10:8 Agus bithidh an dithis nan aon fheoil. As leth sin cha dithis iad a nis, ach aon fheoil.

MK 10:9 An ni ma ta a cheangail Dia, na fuasgladh duine.

MK 10:10 Agus anns an tigh chuir a dheisciopuil ceisd air a rithist mun ni chiadna.

MK 10:11 Is thuirt e riutha: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, `sa phosas te eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh.

MK 10:12 `S ma chuireas bean air falbh a fear, `s fear eile phosadh, tha i dianamh adhaltrais.

MK 10:13 Agus thug iad clann bheag ga ionnsuidh, los gum beanadh e dhaibh. Is bha na deisciopuil a maoitheadh air an fheadhainn a bha gan toirt uige.

MK 10:14 Nuair a chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, is thuirt e riutha: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidh, agus na bacaibh iad: `s gur ann dhan leithidean a bhuineas rioghachd Dhe:

MK 10:15 Gu deimhinn tha mi gradh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach teid e a stigh innte.

MK 10:16 Is ghlac e `na uchd iad, `s a cur a lamhan orra, bheannaich e iad.

MK 10:17 `S nuair a dh` fhalbh e mach air a thurus, thainig duine araid `na ruith, `sa dol air a ghluinean air a bhialaobh, dh` fharraid e dheth, ag radh: A Mhaighistir mhath, ciod a ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh?

MK 10:18 Is thuirt Iosa ris: Carson a tha thu cantuinn math riumsa? chan eil aon sam bith math, ach Dia `na aonar.

MK 10:19 Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige : Na dian mealltaireachd. Thoir onair dhad athair is dhad mhathair.

MK 10:20 Ach esan a freagairt, thuirt e ris: A Mhaighistir, iad sin uile chum mi bhom oige.

MK 10:21 Agus Iosa ag amharc air, thug e gaol dha, is thuirt e ris: Tha aon ni a dhith ort: falbh, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan e, agus bithidh iuntas agad am flathanas; is thig, lean mise.

MK 10:22 Ach bha duilichinn airesan as leth an fhacail, is dh` fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran beairteis.

MK 10:23 Agus Iosa a coimhead mun cuairt air, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe!

MK 10:24 Is ghabh a dheisciopuil ioghnadh a bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riutha: A chlann bheag, nach duilich dhaibhsan, a chuireas uidh am beartas, dhol a stigh do rioghachd Dhe!

MK 10:25 Is fhasa do chamhal dhol tro chno snathaid, na do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe.

MK 10:26 Is ghabh iad am barrachd ioghnaidh, ag radh ri cheile: Agus co is urrainn a bhith sabhailte?

MK 10:27 Agus thuirt Iosa, `s e ag amharc orra: Tha so do-dhiante do dhaoine, ach chan eil do Dhia: oir tha a h-uile ni an comas Dhe.

MK 10:28 Agus thoisich Peadar ri radh ris : Seall, dh` fhag sinn a h-uile ni, agus lean sinn thu.

MK 10:29 Is thuirt Iosa, `s e freagairt: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh: chan eil neach sam bith a dh` fhagas tigh, no braithrean, no peathraichean, no athair, no mathair, no clann, no fearann, as mo lethsa, agus as leth an t-soisgeil,

MK 10:30 Nach fhaigh a chiad urad a nis san tim so fhein, tighean, agus braithrean, is peathraichean, is mathraichean, is clann, is fearann, am measg geur- leanmhuinn, agus a bheatha shiorruidh san ath shaoghal.

MK 10:31 Ach tha moran air thoiseach a bhitheas air dheireadh, `s air dheireadh a bhitheas air thoiseach.

MK 10:32 Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dh` imich Iosa rompa, is bha ioghnadh orra; is bha eagal orrasan a bha ga leantuinn. Agus ghabh e rithist na dha dhiag, agus thoisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha.

MK 10:33 Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, `s do na Sgriobhaich, `s do na seanairean, agus ditidh iad e gu bas, agus bheir iad seachad do na cinnich e;

MK 10:34 Is ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha.

MK 10:35 Is thainig Seumas agus Eoin, mic Shebede, ga ionnsuidh, ag radh: A Mhaighistir, is aill leinn gun dian thu dhuinn ni sam bith a dh` iarras sinn.

MK 10:36 Ach thuirt esan riutha: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh?

MK 10:37 Is thuirt iad: Deonaich dhuinn gun suidh sinn, fear againn air do laimh dheis `s am fear eile air do laimh chli, nad ghloir.

MK 10:38 Is thuirt Iosa riutha: Chan eil fhios agaibh de tha sibh ag iarraidh. An urrainn dhuibh a chailis ol, a tha mise dol a dhol, no bhith air ur baisteadh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh?

MK 10:39 Is thuirt iad ris: Is urrainn dhuinn. Is thuirt Iosa riutha: Olaidh sibh gu dearbh a chailis, a tha mise dol a dh` ol; agus baistear sibh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh

MK 10:40 Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhsan dhan deach uimheamachadh.

MK 10:41 Is nuair a chuala an deichnar so, thoisich iad ri bhith diumbach de Sheumas `s de Eoin.

MK 10:42 Ach Iosa gan gairm, thuirt e riutha: Is aithne dhuibh gum bheil acasan, air a bheileas a coimhead mar riaghladairean air na cinnich, ard-thighearnas orra, `s gum bheil cumhachd aig am prionnsaichean thairis orra.

MK 10:43 Ach chan ann mar sin a bhios nar measgsa: ach co sam bith leis am miann a bhith air thoiseach `nur measg, bithidh e `na fhear frithealaidh dhuibh.

MK 10:44 Is co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach `nur measg, bithidh e `na sheirbhiseach agaibh uile.

MK 10:45 Oir cha tainig Mac an duine e fhein los gun diante frithealadh dha, ach gu frithealadh, `s gus a bheatha leigeil sios `na h-eirig air son mhorain.

MK 10:46 Agus rainig iad Iericho; `s nuair bha esan `sa dheisciopuil agus cuideachda ro-mhor a falbh, bh` an dall Bartimeus, mac Thimeiuis `na shuidhe ri taobh an rathaid, ag iarraidh deirce.

MK 10:47 `S nuair chuala e gur e Iosa bho Nasareth a bh`ann, thoisich e ri glaodhach `s ri radh: Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm.

MK 10:48 Is mhaoith moran air, fiach am biodh e samhach. Ach `sann bu mhua gu mor a ghlaodh e: A Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm.

MK 10:49 Agus sheas Iosa, is dh` orduich e a ghairm. Agus ghairm iad an dall, a cantuinn ris: Biodh misneachd agad: eirich, tha e gad iarraidh.

MK 10:50 `Sa tilgeadh bhuaithe fhalluinne, thainig e `na leum ga ionnsuidh.

MK 10:51 Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Is thuirt an dall ris : A Rabboni, gum faic mi.

MK 10:52 Is thuirt Iosa ris: Falbh, rinn do chreideamh slan thu. Agus sa cheart uair chunnaic e, is lean e e air an t-slighe.