Main Index: Gaelic Gospel of Mark
Mark 14
[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]
MK 14:1 A nis bha feill na casga `s an arain neo-ghoirtichte an ceann da latha: is bha na h-ard-shagairt,`s na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, sa mharbhadh iad e.
MK 14:2 Ach thuirt iad: Chan ann air latha na feille, eagal buaireas eirigh ma dh` fhaoidte am measg an t-sluaigh.
MK 14:3 `S nuair a bha e ann am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, `sa bha e aig biadh, thainig boirionnach aig an robh bocsa alabastair de dh` ola phriseil spicnaird, `sa bristeadh a bhocsa alabastair, thaom i air a cheann i.
MK 14:4 A nis bha cuid a bha diumbach unnta fhein, ag radh : Carson a rinneadh am milleadh so air an ola?
MK 14:5 Oir dh` fhaoidte an ola so reic air son corr is tri fichead sgilinn, `s an toirt do na bochdan. Agus rinn iad monmhur `na h-aghaidh.
MK 14:6 Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, carson tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa.
MK 14:7 Oir tha na bochdan daonnan agaibh; is faodaidh sibh math a dhianamh dhaibh, nuair a thoilicheas sibh: ach cha bhith mise daonnan agaibh.
MK 14:8 Rinn i na b`urrainn dhi: thainig i ro-laimh a dh` ungadh mo chuirp air son an adhlaic.
MK 14:9 Gu firinneach tha mi gradh ribh :ge b` e aite an teid an soisgeul so a shearmonachadh feadh an t-saoghail uile, gun innsear na rinn i mar chuimhneachan oirre.
MK 14:10 Is dh` fhalbh Iudas Iscariot, fear de na dha dhiag, a dh` ionnsuidh nan ard-shagart, gus a bhrath dhaibh.
MK 14:11 Air dhaibhsan so a chluinntinn, rinn iad toileachadh; agus gheall iad airgiod a thoirt dha. Is bha esan a siredh ciamar gheibheadh e cothrom air a bhrath.
MK 14:12 `S air a chiad latha den aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad ag iobradh na casga, thuirt a dheisciopuil ris: Caite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, `s gun ith thu a chaisg?
MK 14:13 Agus chuir e dithis dhe dheisciopuil, agus thuirt e riutha: Rachaibh a stigh don bhaile is tachraidh duine oirbh a giulan saghach uisge, leanaibh e;
MK 14:14 Agus ge b` e aite an teid e stigh, abraibh ri fear an tighe gu bheil am maighistir ag radh: Caite a bheil mo sheomar-bidh, far an ith mi a chaisg comhla rim dheisciopuil?
MK 14:15 Agus fiachaidh e dhuibh seomar-bidh farsuinn lan-uidheamaichte; deasaichibh an sin dhuinn.
MK 14:16 Is dh` fhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad dhan bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riutha, agus dheasaich iad a chaisg.
MK 14:17 Agus na thainig am feasgar, rainig e leis na dha dhiag.
MK 14:18 Agus nuair a bha iad nan suidhe aig a bhord, `s ag ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum brath fear agaibh, a th` ag ithe maille rium, mi.
MK 14:19 Agus thoisich iadsan ri bhith muladach, `s gach aon ri radh mu seach ris: Am mise e?
MK 14:20 Is thuirt e riutha: Se am fear den da fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis.
MK 14:21 `S gu deimhinn tha Mac an duine a falbh, mar a tha e sgriobhte mu dheidhinnn: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath dhan duine sin nach do rugadh riamh e.
MK 14:22 `S nuair a bha iad ag ithe, ghlac Iosa aran; `s ga bheannachadh, bhrist e , agus thug e dhaibh e, is thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa.
MK 14:23 Agus ghlac e chailis, `sa toirt taing thug e dhaibh i; is dh` ol iad uile dhi.
MK 14:24 Is thuirt e riutha: Si so m` fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh a dhoirtear air son morain.
MK 14:25 Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach ol mi a so suas de thoradh na fionain, gus an latha sin air an ol mi ur e ann an rioghachd Dhe.
MK 14:26 `S nuair a sheinn iad laoidh, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit.
MK 14:27 Is thuirt Iosa riutha: Gabhaidh sibh uile sgainneal asam-sa air an oidhche nochd oir tha e sgriobhte: Buailidh mi am buachaille is sgapar na caoraich.
MK 14:28 Ach an deigh m` aiseirigh gabhaidh mi roimhibh do Ghalile.
MK 14:29 Ach thuirt Peadar ris: Ged ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise.
MK 14:30 Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi ag radh riut, an diugh fhein air an oidhche nochd, mun goir an coileach da uair, gun aicheadh thu mi tri uairean.
MK 14:31 Ach `sann an sin bu dana a labhair e: Ged b` fheudar dhomh am bas fhulang maille riut, chan aicheadh mi thu. Agus an ni ciadna thuirt iad uile.
MK 14:32 Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Is thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh.
MK 14:33 Agus thug e leis Peadar, is Seumas, is Eoin; agus bha e fo amhghar agus fo imcheist ro-mhor.
MK 14:34 Is thuirt e riutha: Tha m` anam bronach gu ruig am bas : fanaibh an so, is dianaibh faire.
MK 14:35 `Sa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; is ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air:
MK 14:36 Is thuirt e: Abba Athair, tha a h-uile ni nad chomas, cuir a chailis so seachad orm, ach chan e nas aill leamsa, ach nas aill leatsa.
MK 14:37 Agus thainig e, `is fhuair e iad `nan cadal. Is thuirt e ri Peadar: A Shimoin, a bheil thu nad chadal? nach burrainn dhut aon uair a chaithris?
MK 14:38 Dianaibh faire agus urnaigh, chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh deonach, ach than fheoil lag.
MK 14:39 `Sa falbh a rithist rinn e urnaigh, a cantuinn nam briathran ciadna.
MK 14:40 `Sa tilleadh, fhuair e rithist iad `nan cadal (oir bha an suilean trom), agus cha robh fios aca de a chanadh iad ris.
MK 14:41 Agus thainig e an treas uair, is thuirt e riutha: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: th` an uair air tighinn : seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach.
MK 14:42 Eiribh, falbhamaid, seall, tha esan a bhrathas mi faisg.
MK 14:43 Bha e fhathast a labhairt, nuair thainig Iudas Iscariot fear de na dha dhiag, agus moran sluaigh comhla ris le claidhean, `s le bataichean, bho na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, `s na seanairean.
MK 14:44 Agus bh` am brathadair air comharradh a thoirt dhaibh, ag radh: Ge b` e neach dhan toir mise pog, se sin e, beiribh air, agus thugaibh leibh e gu curamach.
MK 14:45 `S nuair a rainig e, ghrad-chaidh e ga ionnsuidh, is thuirt e: Failt ort, a Mhaighistir; agus phog e e.
MK 14:46 Agus chuir iadsan an lamhan air, agus chum iad e.
MK 14:47 Ach tharruinn aon den fheadhainn a bha san lathair a chlaidheamh, agus bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e chluas dheth.
MK 14:48 Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: An tainig sibh a mach le claidhean `s le bataichean gu mise ghlacadh, mar gum bu mheirleach mi?
MK 14:49 Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach `sann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so.
MK 14:50 An sin a dheisciopuil ga threigsnin, theich iad uile.
MK 14:51 Ach lean duin` og araid e air eideadh le lion-anart thairis air a choluinn ruisgte; agus rinn iad greim air.
MK 14:52 Ach esan a tilgeadh dheth an lion-anairt, theich e bhuapa ruisgte.
MK 14:53 Is thug iad leo Iosa, thun an ard-shagairt; agus chruinnich na sagairt uile, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean.
MK 14:54 Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cuirt an ard-shagairt; `s bha e `na shuidhe maille ris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein.
MK 14:55 Agus dh` iarr na h-ard-shagairt, `sa chomhairle uile, fianais an aghaidh Iosa, gus a chuir gu bas, agus cha d`fhuair iad sin.
MK 14:56 Oir bha moran a toirt fianuise-breige `na aghaidh: ach cha robh an teisteanas a cordadh.
MK 14:57 Agus bha cuid a dh` eirich suas, `sa thog fianuis-bhreige na aghaidh, ag radh:
MK 14:58 Chuala sinn e ag radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach d` rinneadh le lamhan.
MK 14:59 Is cha robh an teisteanas acasan a cordadh.
MK 14:60 Agus an t-ard-shagart ag eirigh nam miadhon, cheasnaich e Iosa, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nithean a tha iad so a cur as do leth?
MK 14:61 Ach dh` fhan esan na thosd, agus cha tuirt e guth. Agus dh` fharraid an t-ard-shagart dheth rithist, is thuirt e ris: An tu an Chiosda, Mac an De bheannaichte?
MK 14:62 Is thuirt Iosa ris: Is mi; agus chi sibh Mac an duine `na shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe, `sa tighinn air neoil nan speur.
MK 14:63 An sin an t-ard-shagart a stracadh `eididh, thuirt e: Ciod am feum thagainn tuilleadh air fianuisean?
MK 14:64 Chuala sibh am blaisbheum: De ur barail? Dhit iad uile e mar fhear toillteanach air bas.
MK 14:65 Agus theann cuid ri caitheamh smugaidean air, `s ri comhdach `aodainn, `s ri bualadh dhorn air, `s ri radh ris: Faisnich; agus bhuail na seirbhisich lem basan e.
MK 14:66 `S nuair a bha Peadair gu h-iosal anns a chuirt, thainig te de shearbhantan an ard-shagairt;
MK 14:67 `S nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth.
MK 14:68 Ach dh`aicheadh esan, ag radh: Chan aithne dhomh agus cha mhua tha mi tuigsinn ciod tha thu ag radh. Agus dh`fhalbh e mach gu bialaobh na cuirte, agus ghoir an coiloach.
MK 14:69 Agus a rithist nuair chunnaic searbhanta e, thoisich i ri innse don fheadhainn a bha nan seasamh mun cuairt: `Sann dhiu am fear so.
MK 14:70 Is dh` aicheadh esan a rithist. Agus an ceann tacain, thuirt iadsan a bha san lathair a rithist ri Peadar: Sann dhiu thu gu cinnteach: oir is Galileach thu.
MK 14:71 Ach thoisich esan ri mollachadh `s ri mionnachadh: Chan aithne dhomh an duine so mu bheil sibh a labhairt.
MK 14:72 Agus anns a cheart uair ghoir an coileach a rithist. Is chuimhnich Peadar air an fhacal, a thuirt Iosa ris: Mun goir an coileach da uair, aicheadhaidh thu mi tri uairean. Agus thoisich e air gal.