We Love God!

God: "I looked for someone to take a stand for me, and stand in the gap" (Ezekiel 22:30)

How can a moral wrong be a civil right?

FREE Online Gaelic Gospel of Mark. Mark Chapter 7:1-37.

Main Index: Gaelic Gospel of Mark

 

Mark 7

[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]

MK 7:1 Agus thainig na Phairisich ga ionnsuidh, is cuid dhe na Sgriobhaich bho Ierusalem.

MK 7:2 Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil ag ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh.

MK 7:3 Oir chan ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leantuinn beul-aithris nan seanairean.

MK 7:4 Agus ma thig iad bhon mhargadh, chan ith iad gun ionnlad; `s tha iomadh ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, is phoitean, is shoitheachan praise.

MK 7:5 Agus dh` fharraid na Phairisich `s na Sgriobhaich dheth: Carson nach eil do dheisciopuil a leantuinn beul-aithris nan seanairean, ach ag ithe arain le lamhan gun nighe?

MK 7:6 Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Is math a dh` fhaisnich Isaias mur deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgriobhte: Tha `m pobull so toirt urraim dhomhsa lem bilean: ach tha an cridhe fada bhuam.

MK 7:7 Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa,`s iad a teasgasg puingean is orduighean dhaoine.

MK 7:8 Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, is chupaichean; agus moran nithean eile den leithidean sin tha sibh a dianamh.

MK 7:9 Is thuirt e riutha: Is math tha sibh a cur fainte Dhe air chul, gus ur beul-aithris fhein a chumail.

MK 7:10 Oir thuirt Maois: Thoir onair dhad athair is dhad mhathair; agus: Am fear a mhollaicheas athair no mhathair, a basachadh basaicheadh e.

MK 7:11 Ach tha sibhse ag radh: Ma their duine ri `athair no ri mhathair corban sam bith (Se sin tobhartas) bhuamsa, thig e gu buannachd dhutsa

MK 7:12 Agus thar sin cha leig sibh leis dad a dhianamh dha athair, no dha mhathair,

MK 7:13 Mar sin, a cur facal Dhe air chul le ur bial-aithris fhein, a tha sibh a cumail a dol, agus tha sibh a dianamh iomadh ni eile coltach riutha sin.

MK 7:14 `Sa gairm a rithist an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Eisdibh rium uile, agus tuigibh.

MK 7:15 Chan eil ni a dol a staigh ann an duine bhon taobh a mach, a `s urrainn a thruailleadh: ach `siad na nithean a tha tighinn a mach a duine, a tha truailleadh an duine.

MK 7:16 Ma tha cluasan aig neach sam bith gu cluinntinn, cluinneadh e.

MK 7:17 Agus nuair a chaidh e stigh don tigh bhon t-sluagh, dh` fharraid a dheisciopuil dheth mun dubhfhacal.

MK 7:18 Is thuirt e riutha: A bheil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sam bith a dol a stigh ann an duine bhon taobh a mach, a `s urrainn a thruailleadh:

MK 7:19 A chionn `s nach eil e a dol a stigh `na chridhe, ach a dol a stigh na bhroinn, theid e mach don dun. (Mar sin, a glanadh bhiadhan uile).

MK 7:20 Ach thuirt e, gur iad na nithean, a thig a mach as an duine a thruailleas an duine.

MK 7:21 Oir `sann bhon taobh a stigh a cridhe dhaoine a thig droch smaointean, adhaltras, striopachas, murt,

MK 7:22 Goid, sannt, drochbheart, foill, mi-gheamnachd, droch-shuil, blaisbheum, uabhar, aimideachd.

MK 7:23 Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhon taobh stigh, `s tha iad a truailleadh an duine.

MK 7:24 `S ag eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; `sa dol a stigh do thigh, cha b` aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air, ach cha b` urrainn dha a bhith am falach.

MK 7:25 Oir cho luath `sa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, mu dheidhinn, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan.

MK 7:26 Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn.

MK 7:27 Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseachd: oir chan eil e math aran na cloinne a ghabhail, `sa thilgeadh thun nan con.

MK 7:28 Ach fhreagair ise, is thuirt i ris: Is fior sin, a Thighearna, ach ithidh na cuileinean fon bhord de chriomagan na cloinne.

MK 7:29 Is thuirt e rithe: Air son an fhacail so bi falbh, chaidh an deomhan a mach as do nighinn.

MK 7:30 `S nuair rainig i a tigh, fhuair i an nighean `na laidhe air an leabaidh, `s an deomhan air a dhol a mach aisde.

MK 7:31 `Sa triall a rithist a criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis.

MK 7:32 Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar is balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air.

MK 7:33 Is ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir `na chluasan; `s le shile bhean e dha theangaidh;

MK 7:34 `S ag amharc suas gu neamh, thug e osnadh, is thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air d` fhosgladh.

MK 7:35 Agus san uair dh` fhosgladh a chluasan, agus dh` fhuasgladh ceangal a theangaidh, is labhair e ceart.

MK 7:36 Is dhaithn e orra gun iad a dh` innse do neach sam bith. Ach mar is mua dh` aithn e orra `sann is mua bha iadsan ga innse;

MK 7:37 Agus sann is mua ghabh iad ioghnadh, ag radh: Rinn e a h-uile ni gu math; thug e air na bodhair cluinntinn, agus air na balbhain labhairt.