We Love God!

God: "I looked for someone to take a stand for me, and stand in the gap" (Ezekiel 22:30)

Been falsely accused of the most awful things? Then you know how God feels

FREE Online Gaelic Gospel of Mark. Mark Chapter 1:1-45.

Main Index: Gaelic Gospel of Mark

 

Mark 1

[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]

MK 1:1 T oiseachd soisgeul Iosa Criosda, Mac Dhe.

MK 1:2 Air reir `s mar tha e sgriobhte san fhaidh Isaias: seall, cuiridh mi m` aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad.

MK 1:3 Guth neach ag eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh a rathadain direach.

MK 1:4 Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, `sa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan.

MK 1:5 Agus chaidh duthaich Iudea uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, is bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain ag aideachadh am peacannan.

MK 1:6 Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, is crios leathair mu mheadhon; agus dh` ith e locuist is mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e ag radh:

MK 1:7 Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn as mo dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios is barail a bhrogan fhuasgladh.

MK 1:8 Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.

MK 1:9 Is thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin ann an abhuinn Iordan.

MK 1:10 `S air ball a direadh as an uisge, chunnaic e neamh fosgailte, `s an Spiorad mar chalman a tearnadh `sa fantuinn air.

MK 1:11 Agus thainig guth bho neamh : Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot.

MK 1:12 Agus ghrad-ghreas an Spiorad e dhan fhasach.

MK 1:13 Agus bha e san fhasach da-fhichead latha, agus da-fhichead oidhche; is bhuaireadh le Satan e; `s bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha.

MK 1:14 `S an deigh do dh` Eoin a bhith air a chuir an greim, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe,

MK 1:15 `S ag radh: Tha `n t-am air a choimhlionadh, `s tha rioghachd Dhe aig laimh; deanaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul.

MK 1:16 `Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon,agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b` iasgairean iad.),

MK 1:17 Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh.

MK 1:18 Agus ghrad dh` fhag iad na lin, is lean iad e.

MK 1:19 `Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, `s iad a caradh nan lion sa bhata:

MK 1:20 Agus ghairm e iad san uair. `Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e.

MK 1:21 Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad.

MK 1:22 Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, `s chan ann mar na Sgriobhaich.

MK 1:23 Agus bha san t-sinagag aca duine anns an robh spiorad neoghlan, is dh` eigh e

MK 1:24 Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.

MK 1:25 Is mhaoith Iosa air, ag radh: Bi samhach, agus gabh a-mach as an duine.

MK 1:26 `S an spiorad neoghlan ga reubadh, `s ag eigheach le guth ard, chaidh e mach as.

MK 1:27 Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d` fharraid iad `nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha.

MK 1:28 `Agus sgaoil iomradh air gun dail feadh duthaich Ghalile uile.

MK 1:29 `Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra.

MK 1:30 Agus bha mathair-cheile Shimoin `na laidhe ann am fiabhras; agus dh `innis iad dha gun dail mu deidhinn.

MK 1:31 Agus thainig e, `sa breith air laimh oirre thog e i is ghrad-dh` fhag am fiabhras i, agus fhreasdail i dhaibh.

MK 1:32 `S nuair thainig am feasgar, `sa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain.

MK 1:33 `S bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus.

MK 1:34 Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gne ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, `s cha do leig e leo labhairt, a chionn `s gum b` aithne dhaibh e.

MK 1:35 `S ag eirigh ro-mhoch, `sa dol a mach, chaidh e gu aite fas; is rinn e urnaigh an sin.

MK 1:36 Agus lean Simon e, agus iadsan a bha comhla ris.

MK 1:37 `S nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile gad shireadh.

MK 1:38 Is thuirt e riutha: rachamaid dha na bailtean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: `s gur ann air son so a thainig mi.

MK 1:39 `S bha e teagasg `nan sinagogan, `s feadh Ghalile uile, `sa tilgeadh a-mach dheomhan.

MK 1:40 Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; `sa tuiteam air a ghluinean,thuirt e ris: Ma `s aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh.

MK 1:41 `Sa gabhail truais ris, shin Iosa a lamh, `sa beantuinn dha, thuirt e ris : Is aill leam: bi glan.

MK 1:42 `S nuair thuirt e so, ghrad-dh` fhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh.

MK 1:43 `S thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dail;

MK 1:44 `S thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach sam bith : ach falbh, fiach thu fhein don ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithean a dh` orduich Maois, mar theisteanas dhaibh.

MK 1:45 Ach air dhasan a dhol a mach, thoisich e ri innse, `s ri sgaoileadh an sgeoil; air chor `s nach b` urrainn dha a nis a dhol a stigh don bhaile gu follaiseach, ach dh` fhuirich e a mach ann an aiteachan fas, agus chrunnaich iad as gach aite ga ionnsuidh.