Main Index: Gaelic Gospel of Mark
Mark 5
[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]
MK 5:1 Agus thainig iad thairis air a chaolas mhara gu duthaich nan Geresach.
MK 5:2 `Sa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan,
MK 5:3 Aig an robh a chomhnaidh anns na h-uaighean, `s cha b` urrainn do dhuine sam bith a cheangal a nis, eadhon le slabhruidhean:
MK 5:4 Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, `s le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, `s bhruan e na cuibhrichean, agus cha burrainn do dhuine sam bith a cheannsachadh.
MK 5:5 Is bha e daonnan a latha sa dh` oidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, ag eigheach, `s ga bhruthadh fhein le clachan.
MK 5:6 `Sa faicinn Iosa fad as, ruith e, `s thug e aoradh dha;
MK 5:7 `S ag eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi.
MK 5:8 Oir thuirt e ris: Gabh a mach as an duine, a spioraid neoghlain.
MK 5:9 Agus dh` fhaighnich e dheth: De t-ainm tha ort? Is thuirt e ris: Se Legion m` ainm, oir is moran sinn.
MK 5:10 Is ghrios e gu cruaidh air, nach fogradh e mach as an duthaich e.
MK 5:11 Agus bha an sin mun bheinn treud mhor mhuc ag ionaltradh.
MK 5:12 Agus ghuidh na spioraid air, ag radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta,
MK 5:13 Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. Thainig na spioraid neoghlan a mach agus chaidh iad a stigh dha na mucan; is chaidh an treud, a bha mu dha mhile, `nan deann-ruith an comhair an cinn dhan mhuir, agus bhathadh sa mhuir iad.
MK 5:14 Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, is dh` innis iad e sa bhaile, is feadh na duthcha. Agus chaidh iad a mach a dh` fhaicinn ciod a thachair
MK 5:15 Is thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, `na shuidhe agus aodach uime, agus `na lan chiall; is ghabh iad eagal.
MK 5:16 Agus dh` innis iadsan, a chunnaic e, dhaibh mar a rinneadh airesan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc.
MK 5:17 Agus thoisich iad ri guidhe air, falbh as an criochan.
MK 5:18 `S nuair a bha e a dol a stigh dhan bhata, thoisich am fear, a bha air a phianadh leis an deomhan, ri guidh` air a leigeil comhla ris:
MK 5:19 Ach cha do leig e leis, `s ann a thuirt e ris: Falbh dhachaigh gud chairdean, is innis na rinn an Tighearna dhut, `s mar a ghabh e truas riut.
MK 5:20 Is dh` fhalbh e, agus thoisich e ri innse ann an Decapolis na rinn Iosa dha; agus ghabh iad uile ioghnadh.
MK 5:21 `S nuair a thill Iosa a rithist chon an taobh eile sa bhata, chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir.
MK 5:22 Agus thainig fear de dh` uachdrain an t-sinagoig, dham b` ainm Iairus; `s ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan,
MK 5:23 Agus ghuidh` e gu cruaidh air, ag radh: Tha mo nighean ri uchd bais, thig, cuir do lamh oirre, los gun leighisear i, `s gum bi i beo.
MK 5:24 Is dh` fhalbh e comhla ris, agus lean cuideachda mhor e, is bha iad a domhlachadh mun cuairt air.
MK 5:25 Agus boirionnach, air an robh siubhal-fala fad da bhliadhna dhiag,
MK 5:26 `S a dh` fhuilig moran bho iomadh lighich, `sa chosg a cuid uile, `s nach deach dad am feobhas, ach an aite sin a dh`fhas nas miosa.
MK 5:27 A cluinntinn mu Iosa, thainig i, am measg an t-sluaigh, air a chulaobh, agus bhean i dha eideadh;
MK 5:28 Oir thuirt i: Ged nach dian mi ach beantuinn dha aodach, bithidh mi slan.
MK 5:29 Is thiormaich san uair a siubhal-fala, agus dh` fhairich i air a coluinn gun robh a h- eucail air a leigheis.
MK 5:30 Agus dh` aithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, is thuirt e: Co bhean dham eideadh?
MK 5:31 Is thuirt a dheisciopuil ris: Tha thu faicinn domhlachd an t-sluaigh `s an abair thu: Co bhean dhomh?
MK 5:32 Agus sheall e mun cuairt a dh` fhaicinn na te a rinn so.
MK 5:33 Ach am biorionnach a tuigsinn na rinneadh innte, thainig i fo fhiamh `s air chrith, agus thuit i sios air a bhialaobh, is dh` innis i dha an fhirinn gu leir.
MK 5:34 Is thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, is bi air do leigheas bho d` eucail.
MK 5:35 Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig feadhainn bho riaghladair an t-sinagoig, ag radh: Chaochail do nighean: carson a tha thu cur tuilleadh dragh air a mhaighistir?
MK 5:36 Nuair a chuala Iosa an comhradh a bh`aca, thuirt e ri riaghladair an t-sinagoig: Na gabh eagal: ach a mhain creid.
MK 5:37 `S cha do leig e le duine sam bith a leantuinn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, brathair Sheumais.
MK 5:38 Is rainig iad tigh riaghladair an t-sinagoig, agus chuinnaic e an iomairt, is sluagh a gal, `sa caoidh gu goirt.
MK 5:39 `Sa dol a stigh, thuirt e riutha: Carson tha sibh fo bhruaillean, sa gal? chan eil an nighean marbh, ach na cadal.
MK 5:40 Is rinn iad gaire fanaid air. Ach chuir esan a mach iad uile, agus thug e leis athair is mathair na h-ighinn, is iadsan a bha comhla ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean `na laidhe.
MK 5:41 `Sa breith air laimh na h-ighinn, thuirt e rithe: Talitha cum, se sin air eadar-theangachadh : A nighean (tha mu ag radh riut), eirich.
MK 5:42 Is dh` eirich an nighean san uair, is choisich i, oir bha i da bhliadhna dhiag a dh` aois. Agus b` anabarrach an t-iognadh a ghabh iad.
MK 5:43 Is sparr e gu cruaidh orra, gun neach sam bith fios fhaighinn air an so; agus dh` iarr e orra rudeigin a thoirt dhi ri itheadh.