Main Index: Gaelic Gospel of Mark

 

Mark 9

[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]

MK 9:1 Is thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gu bheil cuid dhiu-san, a tha `nan seasamh an so, nach blais bas, gus am faic iad rioghachd Dhe a tighinn an cumhachd.

MK 9:2 Agus an deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, is Seumas, agus Eoin; is threoraich e iadsan leo fhein gu beinn aird a lethtaobh, agus dh` atharraicheadh a chruth `nan lathair.

MK 9:3 Agus dh` fhas eideadh dealrach is ro-gheal mar shneachda, geal mar nach urrainn fucadair air talamh a dhianamh.

MK 9:4 Is chunnacas leo Elias agus Maois; agus bha iad a bruidhinn ri Iosa.

MK 9:5 Agus Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Rabbi, is math dhuinne a bhith an so; agus dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, `sa h-aon do Elias.

MK 9:6 Oir cha robh fios aige ciod a bha e ag radh; chionn `s gun robh iad fo fhiamh ro-mhor.

MK 9:7 Agus bha nial a cur sgaile orra, agus as an nial thainig guth, ag radh: Se so mo Mhac ro-ghaolach; eisdibh ris.

MK 9:8 `S ag amharc san uair mun cuairt orra, chan fhac iad duine, ach Iosa na aonar maille riutha.

MK 9:9 `Sa tearnadh bhon bheinn, dh` aithn e orra, gun iad a dh` innse do neach sam bith nan nithean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh.

MK 9:10 Is gleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, de bha, gus an eireadh e bho na mairbh, a ciallachadh.

MK 9:11 Agus dh`fharraid iad dheth, ag radh: Carson ma ta tha na Phairisich `s na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseachd?

MK 9:12 Thuirt e riutha, `s e freagairt: Tha Elias ri tighinn an toiseachd, agus ath-shuidhichidh e a h-uile ni; is mar tha e sgriobhte mu Mhac an duine, gum fuilig e moran, `s gum faigh e taire.

MK 9:13 Ach tha mi ag radh ribh, gun tainig Elias, (`s gun d` rinn iad air gach ni b` aill leo) mar tha sgriobhte mu dheidhinn.

MK 9:14 `Sa tighinn gu dheisciopuil, chunnaic e moran sluaigh mun timcheall, `s na Sgriobhaich a deaspud riutha.

MK 9:15 `S cha luaithe chunnaic an sluagh uile Iosa, na ghlac ioghnadh agus uamhas iad, sa ruith ga ionnsuidh chuir iad failt` air.

MK 9:16 Agus dh` fhaighnich e dhiu: Ciod mu bheil sibh a consachadh ri cheile?

MK 9:17 Is fhreagair fear den t-sluagh, ag radh: A mhaighistir, thug mi gad ionnsuidh mo mhac anns a bheil spiorad balbh.

MK 9:18 Agus, ge be aite an glac e e, tha e ga bhualadh ri lar, agus tha e cur a mach cobhair, `sa diosgail le fhiaclan, sa seargadh as: is thuirt mi rid dheisciopuil iad a thilgeadh a mach, agus cha b` urrainn dhaibh.

MK 9:19 `Sa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, De cho fad sa bhitheas mi maille ribh? De cho fad sa chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e.

MK 9:20 Agus thug iad e ga ionnsuidh. Agus cha luaithe chunnaic e Iosa, na ghluais an spiorad e; is bhuaileadh e ris an lar, agus chuir e caran dheth is cop mu bhial.

MK 9:21 Is dh` fhaighnich e dhe athair: De cho fad bho na thachair so dha? Is thuirt esan: Bho na bha e `na leanabh.

MK 9:22 Agus is tric a thilg e san teine is anns an uisge e, gu cur as dha: ach ma tha ni sam bith nad chomas, gabh truas ruinn agus cuidich sinn.

MK 9:23 Is thuirt Iosa ris: Ma `s urrainn dhut creidsinn! is comasach a h-uile ni don chreideach.

MK 9:24 Agus athair a ghille a glaodhach san uair, thuirt e le deoir: Tha mi creidsinn, a Thighearna: cuidich m` ana-creideamh.

MK 9:25 Is nuair a chunnaic Iosa an sluagh a ruith cuideachd, mhaoidh e air an spiorad neoghlan, a cantuinn ris: A spioraid bhodhair agus bhailbh tha mi ag aithneadh ort, theirig a mach as `s na rach a stigh ann tuilleadh.

MK 9:26 Agus chaidh e mach as, ag eigheach, `s ga riabadh gu goirt: agus dh`fhas e coltach ri duine marbh, air chor `s gun robh moran ag radh: Tha e marbh.

MK 9:27 Ach Iosa a breith air laimh air, thog e e, agus dh` eirich e.

MK 9:28 `S nuair chaidh e stigh dhan tigh, dh` fharraid a dheisciopuil dheth, `s iad leo fhein: Carson nach b` urrainn dhuinn a thilgeadh a mach?

MK 9:29 Is thuirt e riutha: Chan urrainn don t-seorsa so an tilgeadh a mach air sheol sam bith, ach le urnaigh `s le traisg.

MK 9:30 `Sa falbh as a sin, chaidh iad troimh Ghalile; `s cha b` aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air an so.

MK 9:31 Oir bha e teagasg a dheisciopul, `s ag radh riutha: Gun rachadh Mac an duine liubhairt seachad do lamhan dhaoine, `s gum marbhadh iad e, `s an deigh a mharbhadh, gun eireadh e rithist air an treas latha.

MK 9:32 Ach cha do thuig iadsan am facal; agus bha sgath orra fharraid dheth.

MK 9:33 Is thainig iad gu Capharnaum. `S nuair a bha iad san tigh, dh` fhaighnich e dhiu: De an deaspud a bh`agaibh air an rathad?

MK 9:34 Ach bha iadsan samhach: oir air an rathad bha iad a consachadh eatorra fhein, co dhiu bu mhua bhiodh.

MK 9:35 `Sa suidhe, ghairm e na dha dhiag, is thuirt e riutha: Ma tha toil aig fear sam bith a bhith air thoiseach, bithidh e air dheireadh orra uile, agus `na sheirbhiseach dhaibh uile.

MK 9:36 `Sa breith air leanabh, chuir e `nam miadhon e ; `s an deigh a ghlacadh `na uchd, thuirt e riutha:

MK 9:37 Co sam bith ghabhas ri leanabh den leithidean so nam ainmsa, tha e gabhail riumsa; agus co sam bith ghabhas riumsa, chan ann riumsa tha e gabhail, ach ris-san a chuir mi.

MK 9:38 Agus fhreagair Eoin e, ag radh: A Mhaighistir, chunnaic sinn duine araid, nach eile gar leantuinn-ne, a tilgeadh a mach dheomhan na d` ainmsa, agus bhac sinn e.

MK 9:39 Agus thuirt Iosa: Na bacaibh e: oir chan eil aon sam bith, a ni miarailt nam ainmsa, a `s urrainn gu h-ealamh labhairt gu h-olc nam aghaidh:

MK 9:40 Oir an neach nach eil nur n-aghaidh, tha e leibh.

MK 9:41 Oir co sam bith a bheir dhuibh ri ol cupan uisge nam ainmsa, a chionn`s gur le Criosda sibh: gu firinneach tha mi ag radh ribh: cha chaill e dhuais.

MK 9:42 Agus co sam bith bheir sgainneal do h-aon den fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, b` fhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, `sa bhith air a thilgeil sa mhuir.

MK 9:43 `S ma bheir do lamh sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethlaimh, na dhol le da laimh a dh` iutharna gu teine nach smalar:

MK 9:44 Far nach basaich a chnuimh aca, `s nach smalar an teine.

MK 9:45 Agus ma bheir do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethchois, na do thilgeadh le da chois a dh` iutharna gu teine nach tig as:

MK 9:46 Far nach basaich a chnuimh aca, `s nach smalar an teine.

MK 9:47 Agus ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i: `s fhearr dhut a dhol a stigh do rioghachd Dhe le aon shuil, na do thilgeadh led dha shuil ann an teine iutharna:

MK 9:48 Far nach basaich a chruimh aca, `S nach smalar an teine.

MK 9:49 Oir saillear gach aon le teine, is saillear gach iobairt le salann.

MK 9:50 Tha salann math: ach ma dh` fhasas an salann neo-bhlasda, co leis a ni sibh blasda e? Biodh salann agaibh unnaibh, agus biodh sith agaibh eadaraibh fhein.