Main Index: Gaelic Gospel of Mark
Mark 15
[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]
MK 15:1 Agus cho luath sa bha mhaduinn ann, chuir na h-ard-shagairt, `s na seannairean `s na Sgriobhaich, `sa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat.
MK 15:2 Is dh` fharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga radh.
MK 15:3 Agus bha na h-ard-shagairt a cur iomadh cuis as a leth.
MK 15:4 Is dh` fharraid Pilat a rithist dheth, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith? seall a liuthad ni tha iad a cur nad aghaidh.
MK 15:5 Ach cha do fhreagair Iosa tuilleadh, air sheol `s gun do ghabh Pilat ioghnadh.
MK 15:6 A nis air latha na feille b` abhuist dha leigeil mu sgaoil dhaibh aon sam bith dhe na priosanaich, a dh` iarradh iad.
MK 15:7 Agus bha fear ann, dham b`ainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc.
MK 15:8 Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thosich iad ri iarraidh air, e dheanamh dhaibh mar a chleachd e.
MK 15:9 Agus fhreagair Pilat iad, `s thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach?
MK 15:10 Oir bha fios aige gum b` ann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e.
MK 15:11 Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e Barabbas mu sgaoil dhaibh mar raghainn.
MK 15:12 Agus fhreagair Pilat a rithist, is thuirt e riutha: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach?
MK 15:13 Ach ghlaodh iad a rithist: Ceus e.
MK 15:14 Is thuirt Pilat riutha: Ciod an t-olc a rinn e? Ach sann is mua ghlaodh iad: Ceus e.
MK 15:15 Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh a thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, `s an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh.
MK 15:16 Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cuairt an uachdrain, (ris an canar am Praetorium), is ghairm iad am buidheann uile.
MK 15:17 Agus dh` eid iad e le purpur, `sa fighe crun dreighinn chuir iad air e.
MK 15:18 Agus thoisich iad air furan a chur air, ag radh: Failt, a righ nan Iudhach.
MK 15:19 Is bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, `sa lubadh an glun, thug iad aoradh dha.
MK 15:20 Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, is chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh.
MK 15:21 Agus rug iad air fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, agus thug iad air a chrois a ghiulan.
MK 15:22 Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari.
MK 15:23 Agus thug iad dha ri ol fion measgte le mirr; agus cha do ghabh e e.
MK 15:24 Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach de a gheibheadh gach aon.
MK 15:25 Agus bi an treasamh uair a bh` ann, agus cheus iad e.
MK 15:26 `S bha chuis-dhitidh sgriobhte os a chionn: RIGH NAN IUDHACH.
MK 15:27 Agus cheus iad da mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, is fear air a laimh chli.
MK 15:28 Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha ag radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach.
MK 15:29 Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, `s ag radh: O thusa, a 1eagas an teampull, `sa thogas e rithist ann an tri latha:
MK 15:30 Teasraig thu fhein agus thig a nuas bhon chrois.
MK 15:31 Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus maille ris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein chan urrainn e shabhaladh.
MK 15:32 Thigeadh Criosda righ Israil a nuas a nis bhon chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Is rinn iadsan, a cheusadh maille ris, taire air.
MK 15:33 `S nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair.
MK 15:34 Agus aig an naoitheamh uair dh` eigh Iosa le guth ard, ag radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi?
MK 15:35 Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha `nan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais.
MK 15:36 Agus ruith fear, `sa lionadh spuing le fion-geur, s ga cur air cuilc thug e dha ri ol ag radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas.
MK 15:37 Agus Iosa ag eigheach le guth ard, thug e suas an anail.
MK 15:38 Agus sthracadh brat an teampuill na dha leth bho bhraighe gu iochdar.
MK 15:39 Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha `na sheasamh mu choinneamh, gun do dh`eug e ag eigheach mar sin, thuirt e: Gu firinneach b`e an duine so Mac Dhe.
MK 15:40 Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead air na thachair ach fad as: nam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha is Ioseiph, agus Salome:
MK 15:41 A lean e nuair a bha e ann an Galile, `sa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bh` air direadh gu Ierusalem maille ris.
MK 15:42 `S nuair thainig am feasgar, a chionn gum be an t-uidheamachadh a bh` ann, se sin an latha romh `n t-sabaid,
MK 15:43 Thainig Ioseph bho Arimatea, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, is chaidh e stigh gu dana go Pilat, agus dh` iarr e corp Iosa.
MK 15:44 `S bha ioghnadh air Pilat gun robh e cheana marbh. `Sa gairm a cheannaird-chiad, dh` fharraid e dheth an robh e cheana marbh.
MK 15:45 `S nuair fhuair e fios bhon cheannard-chiad, thug e an corp do Ioseph.
MK 15:46 Agus cheannaich Ioseph lion-anart, `s ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bh` air a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe.
MK 15:47 `S bha Mairi Magdalen agus Mairi mathair Ioseiph a gabhail beachd caite an do chuireadh e.