We Love God!

God: "I looked for someone to take a stand for me, and stand in the gap" (Ezekiel 22:30)

JOY - Jesus first, Others next, You last forever!

FREE Online Gaelic Gospel of Mark. Mark Chapter 6:1-56.

Main Index: Gaelic Gospel of Mark

 

Mark 6

[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]

MK 6:1 Is dh`fhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; is lean a dheisciopuil e;

MK 6:2 Agus nuair thainig an t-sabaid, thoisich e ri teagasg san t-sinagog; is ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagag ag radh: Co as an tainig na tha aig an duine so? agus de an gliocas a tha air a thoirt dha: `s na gniomhan cho euchdail, a th` air an dianamh le lamhan?

MK 6:3 Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, is Ioseiph, is Iuda, is Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as.

MK 6:4 Is thuirt Iosa riutha: Chan eil faidh gun onair ach `na dhuthaich fhein, agus `na thigh fhein, `s am measg a chairdean fhein.

MK 6:5 Agus cha burrainn dha miarailt sam bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra;

MK 6:6 Is ghabh e ioghnadh rin cion creidimh, agus dh` imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg.

MK 6:7 Agus ghairm e na dha dhiag: is thoisich e air an cur air falbh lion dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan.

MK 6:8 Is dh`aithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhala, gun aran, gun airgiod `nan sporan,

MK 6:9 Ach cuarain air a chasan, `s gun da chota a chur orra.

MK 6:10 Is thuirt e riutha: Ge be aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin.

MK 6:11 Agus aite sam bith nach gabh ribh, `s nach eisd ribh, a falbh as a sin, crathaibh an duslach dher casan mar fhianais `nan aghaidh.

MK 6:12 `Sa gabhail a mach, shearmonaich iad gun fheumar aithreachas a dheanamh.

MK 6:13 Agus thilg iad a mach moran dheomhan, is dh` ung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad.

MK 6:14 Agus chuala righ Herod (Oir rinneadh `ainm Iosa follaiseach), is thuirt e: Dh` eirich Eoin Baistidh bho na mairbh: `s air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis.

MK 6:15 Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a th` ann. Is thuirt cuid eile: Se faidh th` ann, mar aon de na faidhean a bh`ann bho shean.

MK 6:16 Air do Herod so a chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dhen tug mise an ceann, a th` ann, dh` eirich e bho na mairbh.

MK 6:17 Oir chuir Herod fhein a mach is ghlac e Eoin, agus cheangal e am priosan e as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i.

MK 6:18 Oir thuirt Eoin ri Herod: Chan eil e laghail dhut bean do bhrathar a bhith agad.

MK 6:19 Agus bha Herodias le droch run na aghaidh, agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha b` urrainn dhi.

MK 6:20 Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e `na dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e sabhailte e, agus air dha eisdeachd ris, bhiodh e fo iomagain, ach dh` eisdeadh e ris gu toileach.

MK 6:21 Agus nuair a thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, airson latha bhreith, do dh` uaislean, `s do cheannardan, `s do mhaithean Ghalile.

MK 6:22 `S nuair a thainig nighean Herodiais so a stigh, `sa dhanns i, `sa thaitinn i ri Herod, agus riuthasan a bha aig bord comhla ris, thuirt an righ ris a chailin: iarr orm nas aill leat, is bheir mi dhut e:

MK 6:23 Agus mhionnaich e dhi: Ge be ni a dhiarras tu bheir mi dhut e, ged a b`e leth mo rioghachd.

MK 6:24 Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: De a dh` iarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baistidh.

MK 6:25 `S air dhi tighinn a stigh le cabhaig san uair thun an righ, dh` iarr i, ag radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis.

MK 6:26 Agus bha `n righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, s air son na feadhnach a bh` aig bord maille ris, cha b` aill leis miothlachd a chur oirre:

MK 6:27 `Sa cur sleagh-fhear bhuaithe, dh` orduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Is thug e an ceann dheth sa phriosan,

MK 6:28 Agus thug e leis a cheann air meis, `s thug e don chailin e; agus thug a chailin dha mathair e.

MK 6:29 Nuair chuala a dheisciopuil so, thainig iad, `s thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e.

MK 6:30 Is chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dh` innis iad dha a h-uile ni, a bha iad air dianamh, `s air teagasg.

MK 6:31 Is thuirt e riutha: Thigibh a lethtaobh gu aite fas, agus leigibh ur n-anail airson beagan uine. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn `sa dol; agus cha robh uine aca air biadh fhein a ghabhail.

MK 6:32 `Sa gabhail a stigh do bhata, chaidh iad a lethtaobh gu aite fas.

MK 6:33 Agus chunnacas iad a falbh, `s bha fios aig moran air; sa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa.

MK 6:34 `Sa dol air tir, chunnaic Iosa sluagh mor: agus ghabh e truas riutha, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille, agus thoisich e ri moran a theagasg dhaibh.

MK 6:35 Agus nuair a bha nis a mhor chuid dhan latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, ag radh : Is fasach an t-aite so, `s tha `n uair a nis air ruith

MK 6:36 Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha `s do na bailtean is fhaisge orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dh` itheas iad.

MK 6:37 Agus fhreagair e iad, ag radh: Thugaibh fhein biadh dhaibh ri ithe. Is thuirt iad ris: An rachamaid a cheannach luach da chiad sgilinn de dh` aran a bheir sinn dhaibh ri ithe?

MK 6:38 Is thuirt e riutha: Co miad bonnach-arain a thagaibh? siubhlaibh a dh` fhaicinn. Agus nuair a fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, `s da iasg.

MK 6:39 Agus dh` orduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile nam buidhnean air an fhiar ghorm.

MK 6:40 Is shuidh iad sios `nan cuideachdan chiadan agus leth-chiadan.

MK 6:41 `Sa glacadh na coig bonnaich-arain, `s an da iasg, `s ag amharc suas gu neamh, bheannaich e, is bhrist e na bonnaich, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an da iasg orra uile.

MK 6:42 Is dhith iad uile, agus riaraicheadh iad.

MK 6:43 Is thog iad lan da chliabh dhiag de spruileach, `s de dhiasg.

MK 6:44 Agus b` e aireamh na feadhnach, a dh` ith, coig mile fear.

MK 6:45 `S air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhata, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad `sa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh.

MK 6:46 Agus nuair a sgaoil e iad, chaidh e suas do bheinn a ghabhail urnaigh.

MK 6:47 `S nuair a bha an t-anmoch ann bha am bata am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir.

MK 6:48 `Sa faicinn gun robh iad air an sarachadh ag iomradh (oir bha ghaoth nan aghaidh), thainig e mun cheathramh faire den oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra.

MK 6:49 Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur e manadh a bh`ann, agus glaodh iad.

MK 6:50 Oir chunnaic iad uile e, agus gabh iad eagal mor. Agus ghrad-labhair e, is thuirt e riutha: Biodh misneach agaibh: Is mise thann, na biodh eagal oirbh.

MK 6:51 Agus chaidh e dhan bhata comhla riutha, agus laidh a ghaoth. Agus bha uamhas mhor orra.

MK 6:52 Oir cha do thuig iad mu na bonnaich-arain: oir bha an cridhe air a chruadhachadh.

MK 6:53 Agus nuair dh` aisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, is tharruinn iad gu tir.

MK 6:54 `S nuair thainig iad as a bhata, dh` aithnich iad e san uair:

MK 6:55 Sa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaidhean far an cuala iad esan a bhith.

MK 6:56 Agus aite sam bith air an tadhaladh e air cathraichean, bailtean no duthaich, bha iad a cur nan daoine tinn air na straidean, `s a guid` air gum faodadh iad a mhain beantuinn do dh`iomall aodaich: `sa mhiad `s bhean dha, rinneadh slan iad.