We Love God!

God: "I looked for someone to take a stand for me, and stand in the gap" (Ezekiel 22:30)

The beginning of anxiety is the end of faith, and the beginning of true faith is the end of anxiety.
George Muller

FREE Online Gaelic Gospel of Mark. Mark Chapter 16:1-20.

Main Index: Gaelic Gospel of Mark

 

Mark 16

[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]

MK 16:1 `S nuair a chaidh an t-sabaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, is Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los gum falbhadh iad gus Iosa ungadh.

MK 16:2 Agus ro-mhoch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe an deigh eirigh na greine.

MK 16:3 `S bha iad ag radh ri cheile: Co charaicheas a chlach dhuinn bho bhial na h-uaighe?

MK 16:4 `Sa toirt sula, chunnaic iad a chlach air a carachadh air falbh. Oir b` anabarrach mor i.

MK 16:5 `Sa dol a stigh dhan uaigh, chunnaic iad fear og na shuidhe air an taobh dheas, an eideadh geal, agus bha sgath orra.

MK 16:6 Is thuirt e riutha: Na biodh eagal oirbh: tha sibh a sireadh Iosa bho Nasareth a chaidh a cheusadh: dh` eirich e, chan eil e an so, seallaibh an t-aite far na chuir iad e.

MK 16:7 Ach falbhaibh, is innsibh dha dheisciopuil, agus do Pheadar, gu bheil e dol roimhibh do Ghalile: chi sibh an sin e, mar thuirt e ribh.

MK 16:8 `Sa gabhail a mach, theich iadsan bhon uaigh: oir ghlac eagal is uamhas iad; `s cha tuirt iad ni ri duine sam bith: oir bha sgath orra.

MK 16:9 Ach esan ag eirigh moch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, chunnacas an toiseach e le Mairi Magdalen, as na chuir e seachd deomhain.

MK 16:10 Dh` fhalbh ise, agus dh` innis i dhaibhsan a bha air a bhith comhla ris, `s iad a gal sa caoidh.

MK 16:11 Is iadsan a cluinntinn gun robh e beo, `s gum facas e leatha, cha do chreid iad.

MK 16:12 `S an deigh sin dh` fhiach e e fhein an riochd eile do dhithis dhiu, a bha coiseachd a mach don duthaich.

MK 16:13 Agus dh` fhalbh iadsan, is dh` innis iad do chach: `S cha mhua chreid iadsan iad.

MK 16:14 Mu dheireadh chunnacas e leis na h-aon-diag, nuair a bha iad aig bord; agus chronaich e iad air son am mi-chreidimh agus cruas an cridhe: a thaobh nach do chreid iad an fheadhainn a chunnaic e an deigh aiseirigh.

MK 16:15 Is thuirt e riutha: Falbhaibh feadh an t-saoghail gu leir, agus searmonaichibh an soisgeul dhan h-uile creutair.

MK 16:16 Esan a chreideas `sa bhaistear, sabhailear e: ach esan nach creid, theid a dhiteadh.

MK 16:17 Agus leanaidh na comharran so iadsan a chreideas: Nam ainmse tilgidh iad a mach deomhain: labhraidh iad le teangannan ura;

MK 16:18 Is togaidh iad nathraichean; agus ma dh` olas iad ni marbhtach sam bith, cha dean e cron orra; cuiridh iad an lamhan air daoine tinn, agus bithidh iad gu math.

MK 16:19 Agus an deigh don Tighearna Iosa labhairt riutha, thogadh suas e gu neamh, agus tha e `na shuidhe air laimh dheis Dhe.

MK 16:20 Agus chaidh iadsan a mach, agus shearmonaich iad anns gach aite, an Tighearna a co-oibreachadh leo, `sa daingneachadh an fhacail leis na comharran a lean. Amen.