Main Index: Gaelic Gospel of Mark
Mark 2
[1]
[2]
[3]
[4]
[5]
[6]
[7]
[8]
[9]
[10]
[11]
[12]
[13]
[14]
[15]
[16]
MK 2:1 Agus thill e gu Capharnaum an ceann beagan laithean, agus chualas gun robh e aig an tigh.
MK 2:2 Agus chruinnich na h-uimhir, `s nach robh aite aca eadhon timcheall an dorais, is labhair e am facal riutha.
MK 2:3 Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar.
MK 2:4 `Sa chionns nach b` urrainn dhaibh a chur `na lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad mullach an tighe far an robh e; `S air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe `na laidhe.
MK 2:5 `S nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut.
MK 2:6 Ach bha cuid de na Sgriobhaich `nan suidhe an sin, `sa smaoineachadh `nan cridheachan:
MK 2:7 Carson a tha e a bruidhinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia `na aonar?
MK 2:8 Dh` aithnich Iosa san uair `na spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, is thuirt e riutha : Carson tha sibh a smaoineachadh nan nithean sin `nur cridheachan?
MK 2:9 Co dhiu is fhasa radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich?
MK 2:10 Ach los fios a bhith agaibh gu bheil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,)
MK 2:11 Tha mi ag radh riut: Eirich, tog do leaba, agus falbh dhachaigh.
MK 2:12 Agus ghrad-dh` eirich e: `sa togail a leaba, dh` fhalbh e `nam fianuis uile; air chors gun do ghabh iad ioghnadh air fad, `s thug iad gloir do Dhia, ag radh: Chan fhaca sinn riamh a leithid so.
MK 2:13 Is chaidh e mach a-rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, is theagaisg e iad.
MK 2:14 `S nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis `na shuidhe an tigh na cise, is thuirt e ris: Lean mise. `S ag eirigh, lean e e.
MK 2:15 Agus thachair, nuair a bha e `na shuidhe aig biadh `na thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor is pheacach maille ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e.
MK 2:16 Agus na Sgriobhaich `s na Phairisich a faicinn gun robh e ag ithe comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Carson a tha ur maighistir ag ithe `s ag ol comhla ri cismhaoir agus peacaich?
MK 2:17 Air do Iosa so a chluinntinn, thuirt e riutha: Chan eil feum aig daoine slana air lighich, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach.
MK 2:18 Agus bha deisciopuil Eoin `s nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, is thuirt iad ris: Carson tha deisciopuil Eoin `s nan Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg?
MK 2:19 Is thuirt Iosa riutha: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha? Fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha, chan urrainn dhaibh trasgadh.
MK 2:20 Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin.
MK 2:21 Chan fhuaghail duine sam bith breid de dh` aodach ur air seann eideadh: air-neo bheir am breid ur a liad fhein as an t-seann aodach, is bithidh an stracadh nas mua.
MK 2:22 Agus cha chuir duine sam bith fion ur ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, is doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is coir fion ur a chur an searragan ura.
MK 2:23 Is thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tro achaidhean arbhair air an t-sabaid, gun do theann a dheisciopuil, `s iad a gabhail air adhart, ri spioladh dhias.
MK 2:24 Is thuirt na Phairisich ris: Seall, carson tha iad a dianamh air latha na sabaid ni nach eil ceadaichte?
MK 2:25 Is thuirt e riutha: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Daibhidh, nuair a bha e feumach `s air acras, e fhein agus iadsan a bha cuideris?
MK 2:26 Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dh` ith e an t-aran-tairgse, nach robh ceadaichte itheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhsan a bha comhla ris ?
MK 2:27 Is thuirt e riutha: Rinneadh an t-sabaid air son an duine, `s chan e an duine air son na sabaid.
MK 2:28 Mar sin se Mac an duine Tighearna na sabaid fhein.